2 Timothy 3:6 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir 's ann dhiubh sin a tha an fheadhainn a dh'ialaidheas a‑steach do dhachaighean 's a ghlacas boireannaich ghòrach, a th' air an luchdachadh le peacaidhean, 's air an treòrachadh air falbh leis a h‑uile gnè ana‑miann,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir is ann dhiubh seo a tha an dream sin a dh’èalaidheas a‑steach do thaighean, agus a bheir leo ann am braighdeanas mnathan suarach air an uallachadh le peacaidhean, air an iomain le iomadh gnè ana-mianna,
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir is ann dhiubh seo a tha an dream sin a dh’èalaidheas a‑steach do thaighean, agus a bheir leo ann am braighdeanas mnathan suarach air an uallachadh le peacaidhean, air an iomain le iomadh gnè ana‑mianna,
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir ʼsann dhiu iadsan, a dhʼ ialaidheas a stigh do thighean, ʼsa bheir am braighdeanas boirionnaich gun diù, lan pheacannan, air an stiuradh le ioma seorsa thograichean;