2 Timothy 3:8 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus dìreach mar a chuir Iannes is Iambres an aghaidh Mhaois, 's ann mar sin cuideachd a tha iad seo a' cur an aghaidh na fìrinne, daoine a th' air an coirbteadh gu tur nan inntinn, air an cur air chùl a thaobh a' chreideimh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A nis ceart mar a chuir Iannes us Mambres an aghaidh Mhaois: is amhuil a tha iad so a cur an aghaidh na firinne, daoine truaillidh ʼnan inntinn, am mearachd a thaobh creidimh,