2 Timothy 4:17 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach sheas an Tighearna còmhla rium agus neartaich e mi, airson 's, tromhamsa, gum biodh an teachdaireachd air a cur an cèill gu h‑iomlan, is gus an cluinneadh na Cinnich gu lèir i, 's bha mi air mo shaoradh à beul an leòmhainn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn‐fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach sheas an Tighearna ri mʼ thaobh, agus neartaich e mi, los gun coimhlionar an teagasg leam, agus gun cluinn na cinnich uile e; agus theasraigeadh mi á bial an leomhain.