3 John 1:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhir ghràdhaichte, na dèan atharrais air na tha olc, ach air na tha math. Tha esan a tha a' dèanamh math o Dhia; chan fhaca esan a tha a' dèanamh an t‑olc Dia.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A bhràthair ghràdhaich, na lean an nì a tha olc, ach an nì a tha math. An tì a nì math is ann o Dhia a tha e; ach an tì a nì olc, chan fhaca e Dia.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A bhràthair ghràdhaich, na lean an nì a tha olc, ach an nì a tha math. An tì a nì math is ann o Dhia a tha e; ach an tì a nì olc, chan fhaca e Dia.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fhir mo mhor ghraidh, na lean an ni a tha olc, ach an ni a tha math. Esan a tha ri math, tha e bho Dhia: esan a tha ris an olc, cha n-fhaca e Dia.