Acts 1:14 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Bha iad seo uile a dh'aon inntinn gan coisrigeadh fhèin do dh'ùrnaigh, còmhla ri na boireannaich agus Moire màthair Ìosa, agus còmhla ri a bhràithrean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Bha iad so uile a buanachadh a dhʼaon inntinn ann an urnaigh, maille ris na boirionnaich, agus Moire mathair Iosa, ʼsa bhraithrean.