Acts 1:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“A bhràithrean, dh'fheumadh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh, a bhruidhinn an Spiorad Naomh ro‑làimh le beul Dhaibhidh mu Iùdas, a bha na fhear‑treòrachaidh dhaibhsan a ghlac Ìosa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann‐iùil acasan a ghlac Iosa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fheara agus a bhraithrean, is còir an sgriobtur a bhith air a choimhlionadh, a roimh-labhair an Spiorad Naomh le bial Dhài mu Iudas, a bha ʼna cheann-iuil dhaibh-san a ghlac Iosa: