Acts 1:19 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chaidh seo a dhèanamh aithnichte do luchd‑àiteachaidh Ierusaleim gu lèir; mar sin chaidh an t‑achadh sin ainmeachadh anns a' chànan aca fhèin Aceldamà, is e sin Fearann Fala.)
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus rinneadh seo aithnichte do luchd-àiteachaidh Ierusaleim uile: air chor is gun abrar ris an fhearann sin nan cainnt fhèin, Aceldama, sin ri ràdh, Fearann fala.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus rinneadh seo aithnichte do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim uile: air chor is gun abrar ris an fhearann sin nan cainnt fhèin, Aceldama, sin ri ràdh, Fearann fala.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus rinneadh so follaiseach do luchd-comhnuidh Ierusalem air fad, air chor ʼs gun abrar ʼnan canan-sa ris an achadh sin, Haceldama, se sin ri radh achadh na fala.