Acts 10:17 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A‑nis fhad 's a bha Peadar ann an imcheist ann fhèin a thaobh dè a' chiall a b' urrainn a bhith aig an t‑sealladh a chunnaic e, seall, bha na daoine a chaidh a chur o Chornelius, às dèidh taigh Shìmoin a shireadh, nan seasamh aig a' gheata,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras,
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras,
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSam feadh a bha Peadar an teagamh ann fhein ciod bu bhrigh do ʼn t-sealladh a chunnaic e, seall, bha na daoine, a chuireadh bho Chornelius, aig an dorus, a faighneachd air son tigh Shimoin.