Acts 11:5 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Bha mi ann am baile Iopa ag ùrnaigh, agus ann an neul chunnaic mi sealladh, rudeigin mar shiota mòr a' tighinn a‑nuas, air a leigeil sìos o nèamh le a cheithir oiseanan, agus thàinig e a‑nuas thugam.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Bha mi ann am baile Iopa ri ùrnaigh; agus ann an neul chunnaic mi sealladh, soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas, mar bhraith-lìn mhòir, air a leigeadh a‑nuas o nèamh air a ceithir oisnean; agus thàinig i am ionnsaigh-sa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Bha mi ann am baile Iopa ri ùrnaigh; agus ann an neul chunnaic mi sealladh, soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas, mar bhraith‐lìn mhòir, air a leigeadh a‑nuas o nèamh air a ceithir oisnean; agus thàinig i am ionnsaigh‐sa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Bha mi ann am baile Ioppe ri urnaigh, ʼs ann am plathadh-inntinn chunnaic mi sealladh, saghach araid a tearnadh, mar lionart mhor air a leigeadh a nuas bho neamh air a ceithir oisinnean, us thainig i gu ruig mise.