Acts 12:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nuair a bha iad air a dhol seachad air a' chiad agus air an dara geàrd, thàinig iad chun a' gheata iarainn a tha a' dol chun a' bhaile. Dh'fhosgail e dhaibh leis fhèin, agus chaidh iadsan a‑mach is chaidh iad sìos aon t‑shràid, agus sa bhad dh'fhàg an t‑aingeal e.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhaibh dol tron chiad agus an dara faire, thàinig iad a‑chum a’ gheata iarainn a tha a’ treòrachadh don bhaile, a dh’fhosgail dhaibh leis fhèin: agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad air an aghaidh tro aon sràid, agus air ball dh’fhalbh an t‑aingeal uaithe.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhaibh dol tron chiad agus an dara faire, thàinig iad a‑chum a’ gheata iarainn a tha a’ treòrachadh don bhaile, a dh’fhosgail dhaibh leis fhèin: agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad air an aghaidh tro aon sràid, agus air ball dh’fhalbh an t‑aingeal uaithe.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa dol seachad air a chiad ʼs air an darna freiceadan, thainig iad thun a gheata iaruinn, a tha gabhail a dhʼ ionnsuidh a bhaile, a dhʼ fhosgail dhaibh leis fhein. ʼSa dol a mach, chaidh iad tromh aon straid; agus san uair dhealaich an t-aingeal ris.