Acts 12:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus às dèidh do Herod a shireadh agus nach d' fhuair e e, cheasnaich e an luchd‑faire agus thug e òrdugh gum bu chòir an cur gu bàs. An uair sin chaidh Herod sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus dh'fhuirich e an sin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a dh’iarr Herod e, agus nach d’fhuair e e, cheasnaich e an luchd-coimhead, agus dh’òrdaich e an toirt air falbh a‑chum peanais. Agus chaidh e sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus rinn e còmhnaidh an sin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a dh’iarr Herod e, agus nach d’fhuair e e, cheasnaich e an luchd‐coimhead, agus dh’òrdaich e an toirt air falbh a‑chum peanais. Agus chaidh e sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus rinn e còmhnaidh an sin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus air do Herod a shireadh, ʼs nach dʼ fhuair e e, an deigh an luchd-faire a rannsachadh, dhʼ orduich e an cur gu bàs; ʼsa dol sios bho Iudéa do Chesaréa, rinn e comhnuidh an sin.