Acts 12:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A‑nis bha e fìor fheargach le sluagh Thìruis agus Shìdoin, agus thàinig iad thuige a dh'aon inntinn, agus às dèidh dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt a thaobh, dh'iarr iad sìth, a chionn 's gun robh an tìr acasan an eisimeil tìr an rìgh airson biadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS bha fearg aige ri muinntir Thiruis us Shidoin. Ach thainig iadsan a dhʼ aon aigne ga ionnsuidh, ʼs air dhaibh Blastus, seomarlan an righ, a chosnadh dha ʼn taobh, dhʼ iarr iad sith, a chionn gun robh an duchannan air an àrach leis.