Acts 12:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chaidh e a‑mach is lean e e. Cha robh fios aige gun robh an rud a bha ga dhèanamh leis an aingeal fìor, ach shaoil e gun robh e a' faicinn sealladh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa dol a mach lean e e, ʼs cha do mhuthaich e gun robh e fior na rinneadh leis an aingeal: ach shaoil leis gum fac e sealladh.