Acts 13:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus thuirt e, “Ò thusa a tha làn dhen a h‑uile seòrsa ceilg is foill, a mhic an diabhail, a nàmhaid gach uile fhìreantachd, nach sguir thu a chlaonadh slighean dìreach an Tighearna?
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Thubhairt e, O thusa a tha làn den uile cheilg, agus den uile dhroch-bheairt, a mhic an diabhail, a nàmhaid na h‑uile fhìreantachd, nach sguir thu a dh’fhiaradh slighean dìreach an Tighearna?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Thubhairt e, O thusa a tha làn den uile cheilg, agus den uile dhroch‐bheairt, a mhic an diabhail, a nàmhaid na h‑uile fhìreantachd, nach sguir thu a dh’fhiaradh slighean dìreach an Tighearna?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thuirt e: O thusa, a tha lan de ʼn h-uile foill, ʼs de ʼn h-uile ceilg, a mhic an deomhain, a namhaid a h-uile ceartais, cha n-eil thu sgur de shlighean cearta an Tighearna fhiaradh.