Acts 13:2 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus fhad 's a bha iad ag adhradh do Dhia agus a' trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh, “Coisrigibh dhòmhsa Saul is Barnabas chun na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bha iad a frithealadh do ʼn Tighearna, ʼsa trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh riu: Cuiribh Saul ʼs Barnabas air leth dhomh air son na h-oibre, gus na shonraich mi iad.