Acts 13:34 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Agus a thaobh na fìrinn gun do thog e suas o na mairbh e, gun a bhith a' tilleadh tuilleadh gu truaillidheachd, tha e air bruidhinn san dòigh seo: “‘Bheir mise dhuibh beannachdan naomha is cinnteach Dhaibhidh.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus mar dhearbhadh gun do thog e suas e o na mairbh, gun e a thilleadh air ais tuilleadh a‑chum truaillidheachd, thubhairt e mar seo, Bheir mise dhuibh tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus mar dhearbhadh gun do thog e suas e o na mairbh, gun e a thilleadh air ais tuilleadh a‑chum truaillidheachd, thubhairt e mar seo, Bheir mise dhuibh tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach gun do thog e e bho na mairbh gun e a thilleadh bho sin suas tuille gu truailleachd, thuirt e mar so: Ni mi firinneach dhuibh geallaidhnean naomha Dhài.