Acts 15:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nuair a thàinig iad gu Ierusalem, fhuair iad fàilte bhon eaglais is na h‑abstoil is na h‑èildearan, agus dh'aithris iad a h‑uile sìon a bha Dia air a dhèanamh leotha.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus nuair a rainig iad Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, ʼs leis na h-ostail, agus leis na seanairean, ʼs iad a g-aithris nan nichean mora a rinn Dia leo.