Acts 16:1 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thàinig Pòl cuideachd gu Derbe is gu Listra. Agus bha deisciobal an sin dham b' ainm Timòteus, mac ban‑Iùdhaich a bha na creidmheach, ach b' e Greugach a bha na athair.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thainig e gu Derbè ʼs gu Listra. Us, seall, bha deisciopul araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Timoti, mac ban-Iudhaich a bha creidsinn, ach bʼ ann de na cinnich ʼathair.