Acts 16:18 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chùm i seo a' dol airson mòran làithean. Ach bha Pòl fìor mhì‑thoilichte, agus thionndaidh e is thuirt e ris an spiorad, “Tha mi ag àithne dhut ann an ainm Ìosa Crìosd tighinn aiste.” Agus thàinig e a‑mach aig an àm sin fhèin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus rinn i so fad moran laithean. Ach air do Phol a bhith duilich, thionndaidh e, us thuirt e ris an spiorad: Tha mi g-orduchadh dhut an ainm Iosa Criosta, thu dhol a mach aisde. ʼS chaidh e mach sa cheart uair.