Acts 16:36 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus rinn fear‑gleidhidh a' phrìosain aithris air na briathran seo do Phòl, ag ràdh, “Tha na maighstirean‑lagha air cur airson ur saoradh. Mar sin thigibh a‑mach an‑dràsta agus thallaibh ann an sìth.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus dh’innis fear-coimhead a’ phrìosain na briathran seo do Phòl, Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios uapa sibhse a leigeadh as: uime sin rachaibh a‑mach, agus imichibh ann an sìth.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus dh’innis fear‐coimhead a’ phrìosain na briathran seo do Phòl, Gun do chuir an luchd‐riaghlaidh fios uapa sibhse a leigeadh as: uime sin rachaibh a‑mach, agus imichibh ann an sìth.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus dhʼinnis fear-coimhead a phriosain na briathran sin do Phol: Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios sibhse leigeadh as; falbhaibh ma ta nis, agus imichibh an sith.