Acts 17:18 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Rinn cuid dhe na feallsanaich Epicurach agus Stòiceach cuideachd còmhradh ris. Bha cuid ag ràdh, “Dè a tha an cabadair seo ag iarraidh a chantainn?” Bha cuid eile ag ràdh, “Is coltach gur e searmonaiche dhiathan coimheach a th' ann” — a chionn 's gun robh e a' searmonachadh Ìosa agus na h‑aiseirigh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith-bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith‐bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS bha feallsanaich araid de na h-Epicurich, us de na Stoicich a deaspud ris; agus thuirt cuid: Ciod is miann leis a ghlagaire so radh? ach cuid eile: Is coltach gur duine e, a tha toirt a stigh dhiathan ùra: a chionn gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh.