Acts 17:23 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir fhad 's a bha mi a' gabhail troimhe is a rinn mi sgrùdadh geur air cuspairean ur n‑adhraidh, fhuair mi cuideachd altair leis an sgrìobhadh seo: DON DIA NEO‑AITHNICHTE. Mar sin, esan dha bheil sibhse ag adhradh mar neo‑aithnichte, tha mise ga chur an cèill dhuibh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir air dhomh a bhith dol seachad, agus ag amharc air ur nithean naomha, fhuair mi altair air an robh an sgrìobhadh seo, DON DIA NEO-AITHNICHTE. Uime sin esan dom bheil sibh a’ dèanamh adhraidh gun eòlas agaibh air, is e a tha mise a’ searmonachadh dhuibh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir air dhomh a bhith dol seachad, agus ag amharc air ur nithean naomha, fhuair mi altair air an robh an sgrìobhadh seo, DON DIA NEO‐AITHNICHTE. Uime sin esan dom bheil sibh a’ dèanamh adhraidh gun eòlas agaibh air, is e a tha mise a’ searmonachadh dhuibh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir a gabhail seachad ʼsa faicinn ur n-iodholan, fhuair mi altair air an robh e sgriobhte: Doʼn Dia Neo-aithnichte. Esan ma ta dha ʼm beil sibhse toirt aoraidh, agus sibh gun aithne air, se tha mise teagasg dhuibh: