Acts 18:25 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Bha e air a bhith air a theagasg ann an slighe an Tighearna. Agus dian ann an spiorad, bhruidhinn is theagaisg e gu ceart mu na rudan a bhuineadh do dh'Ìosa, ged nach b' aithne dha ach baisteadh Eòin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Bha an duine so ionnsuichte ann an slighe an Tighearna; agus le e bhith dian ʼna spiorad, labhair agus theagaisg e gu dichiollach na nichean a bhuineadh do dhʼ Iosa, ʼs fios aige a mhain air baisteadh Eoin.