Acts 19:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus leum an duine anns an robh an spiorad olc orra, fhuair e làmh‑an‑uachdair orra agus thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach às an taigh sin rùisgte agus air an leòn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus leum an duine anns an robh an droch spiorad orra, agus air dha làmh-an‑uachdair fhaotainn orra, thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach as an taigh sin lomnochd agus reubte.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus leum an duine anns an robh an droch spiorad orra, agus air dha làmh‐an‑uachdair fhaotainn orra, thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach as an taigh sin lomnochd agus reubte.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach am fear anns an robh an droch spiorad a leum orra, ʼsa faighinn laimh an uachdar air dithis dhiu, cheannsaich e iad, air chor ʼs gun do theich iad as an tigh sin ruisgte agus leointe.