Acts 19:27 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus tha cunnart ann, chan e a‑mhàin gun tuiteadh a chiùird seo againne ann am mì‑chliù, ach cuideachd gum biodh teampall na ban‑dè mòire air a mheas mar neoni, agus fiù 's gun tèid a cur o chathair a mòrachd‑se, ise dha bheil Àisia uile agus an saoghal a' dèanamh adhradh.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air chor is nach e a‑mhàin gu bheil e an cunnart gun dèanar tàir air ar ceàird; ach mar an ceudna gun cuirear teampall na ban-dè mòire Diàna ann an suarachas, agus gun claoidhear a mòrachd-se, dom bheil an Asia uile agus an domhan a’ dèanamh adhraidh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air chor is nach e a‑mhàin gu bheil e an cunnart gun dèanar tàir air ar ceàird; ach mar an ceudna gun cuirear teampall na ban‐dè mòire Diàna ann an suarachas, agus gun claoidhear a mòrachd‐se, dom bheil an Asia uile agus an domhan a’ dèanamh adhraidh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Air chor ʼs nach i a cheaird so againn a mhain a tha an cunnart tighinn gu neoni, ach measar teampull Diana moire fhein mar neoni, seadh agus tòisichear air cur as da moralachd-sa, dha ʼm beil Asia gu leir, ʼs an domhan a toirt aoraidh.