Acts 19:33 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Phiobraich cuid dhen t‑sluagh Alecsander, a bha na h‑Iùdhaich air a chur air adhart. Agus a' smèideadh le a làimh, bha Alecsander ag iarraidh dìon a dhèanamh air fhèin dhan t‑sluagh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus tharraing iad a‑mach Alecsander as an t‑sluagh, air a bhith do na h‑Iùdhaich ga iomain romhpa. Agus smèid Alecsander le a làimh, agus b’àill leis a leisgeul a ghabhail ris an t‑sluagh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus tharraing iad a‑mach Alecsander as an t‑sluagh, air a bhith do na h‑Iùdhaich ga iomain romhpa. Agus smèid Alecsander le a làimh, agus b’àill leis a leisgeul a ghabhail ris an t‑sluagh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us tharruinn iad Alastair a mach as an t-sluagh, na h-Iudhaich ga upadh air adhart. Us Alastair a smeideadh le laimh a g-iarraidh samhchair, bha toil aige a chuis a mhineachadh do ʼn t-sluagh.