Acts 19:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach nuair a dh'fhàs cuid rag agus nach do chreid iad, a' bruidhinn gu h‑olc mun t‑Slighe mu choinneamh an t‑sluaigh, tharraing e air ais uapa agus thug e na deisciobail leis, a' reusanachadh gach latha ann an talla‑òraid Thirannuis.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach nuair a chruadhaicheadh cuid, agus nach do chreid iad, ach a labhair iad olc mun t‑slighe sin an làthair an t‑sluaigh, dh’fhàg e iad agus sgar e na deisciobail uapa, agus bha e gach là a’ deasbaireachd ann an sgoil neach àraidh dom b’ainm Tirannus.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach nuair a chruadhaicheadh cuid, agus nach do chreid iad, ach a labhair iad olc mun t‑slighe sin an làthair an t‑sluaigh, dh’fhàg e iad agus sgar e na deisciobail uapa, agus bha e gach là a’ deasbaireachd ann an sgoil neach àraidh dom b’ainm Tirannus.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach air do chuid a bhith air an cruadhachadh, ʼs gun a bhith creidsinn, a labhairt gu h-olc air slighe an Tighearna an lathair na cuideachda, gam fagail, chuir e air leth na deisciopuil, ʼs rinn e deaspud gach latha an sgoil Tirannnis araid.