Acts 2:12 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus bha iad uile fo iongnadh agus fo dhragh mòr, ag ràdh ri càch‑a‑chèile, “Dè a tha seo a' ciallachadh?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma‑chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus bha iad uile lan uamhais agus ioghnaidh, a g-radh ri cheile: Ciod is ciall dha so?