Acts 20:13 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach a' dol air adhart chun an t‑soithich, sheòl sinn airson Asos, a' cur romhainn Pòl a ghabhail air bòrd às a sin, oir bha esan air a chur an òrdugh mar sin, a' cur roimhe a dhol air a chois fhèin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhuinne imeachd air thoiseach a‑chum na luinge, sheòl sinn gu Asos, fo rùn Pòl a ghabhail a‑steach an sin: oir is ann mar sin a dh’òrdaich e, a’ cur roimhe gun imicheadh e fhèin da chois.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhuinne imeachd air thoiseach a‑chum na luinge, sheòl sinn gu Asos, fo rùn Pòl a ghabhail a‑steach an sin: oir is ann mar sin a dh’òrdaich e, a’ cur roimhe gun imicheadh e fhèin da chois.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach a dol air bord saghaich, sheol sinne gu Assos, far an robh againn ri Pol a ghabhail air bord: oir ʼsann mar sin a shuidhich e, ʼs e fhein gus an t-astar a dhianamh air tir.