Acts 20:15 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus a' seòladh às a sin ràinig sinn air an latha a lean mu choinneamh Chiois; an ath latha chaidh sinn thairis gu Samos, agus an ath latha thàinig sinn gu Miletus.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air seòladh dhuinn as a sin, thàinig sinn air an là màireach fa chomhair Chiois; agus air an là na dhèidh sin thàinig sinn gu Samos, agus dh’fhan sinn aig Trogillium; agus air an là a b’fhaisge thàinig sinn gu Miletus.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air seòladh dhuinn as a sin, thàinig sinn air an là màireach fa chomhair Chiois; agus air an là na dhèidh sin thàinig sinn gu Samos, agus dh’fhan sinn aig Trogillium; agus air an là a b’fhaisge thàinig sinn gu Miletus.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa seoladh as a sin, thainig sinn an ath latha mu chomhair Chiois, ʼs an ath latha rinn sinn Samos, agus an latha an deigh sin rainig sinn Miletus.