Acts 20:32 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Agus a‑nis tha mi gur n‑earbsadh do Dhia agus do dh'fhacal a ghràis‑san, a tha comasach air ur daingneachadh is oighreachd a thoirt dhuibh am measg na feadhna sin uile a th' air an naomhachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus a‑nis, a bhràithrean, earbam sibh ri Dia, agus ri facal a ghràis, a tha comasach air ur togail suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh am measg na muinntir sin uile a tha air an naomhachadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus a‑nis, a bhràithrean, earbam sibh ri Dia, agus ri facal a ghràis, a tha comasach air ur togail suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh am measg na muinntir sin uile a tha air an naomhachadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A nis tha mi gu ʼr n-earbsa ri Dia, ʼs ri facal a ghras, a tha comasach air togail suas, ʼs air oighreachd a thoirt seachad am measg nan daoine naomhaichte uile.