Acts 20:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chaidh Sopater o Bherèa, mac Phirois, còmhla ris; agus dhe na Tesalònianaich, Aristarchus is Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Àisia, Tichicus is Trophimus.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus chaidh ʼna chuideachd Sopater, mac Phirruis á Beréa: ʼs de mhuinntir Thessalonica Aristarchus agus Secundus, us Gaius á Derbe agus Timoti; us á Asia Tichicus agus Trophimus.