Acts 20:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuit duine òg dham b' ainm Eutichus, a bha na shuidhe aig an uinneig, na throm‑chadal fhad 's a chùm Pòl air a bruidhinn. Agus fo bhuaidh a' chadail, thuit e sìos on treas làr agus chaidh a thogail marbh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus bha òganach àraidh dom b’ainm Eutichus na shuidhe ann an uinneig, air tuiteam gu trom na chadal: agus air do Phòl a bhith rè fad a’ searmonachadh, shàraicheadh leis a’ chadal e, agus thuit e sìos on treas lobhta, agus thogadh marbh e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus bha òganach àraidh dom b’ainm Eutichus na shuidhe ann an uinneig, air tuiteam gu trom na chadal: agus air do Phòl a bhith rè fad a’ searmonachadh, shàraicheadh leis a’ chadal e, agus thuit e sìos on treas lobhta, agus thogadh marbh e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS bha oganach araid, Eutichus theirte ris, ʼna shuidhe ann an uinneig, us trom chadal a tighinn air (le Pol a bhith fad a teagasg) thuit e, ʼs e ʼna shuain, sios bho ʼn treas lobhta, agus thogadh suas marbh e.