Acts 21:24 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
thoir na fir seo leat agus glan thu fhèin cuide riutha agus pàigh na cosgaisean aca, airson 's gum beàrr iad an cinn. Mar sin bidh fios aig a h‑uile duine nach eil dad anns na chaidh innse dhaibh mud dheidhinn, ach gu bheil thusa cuideachd gad ghiùlain fhèin le bhith a' cumail an lagha.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Thoir iadsan leat, agus bi air do ghlanadh maille riu, agus dèan costas leo, a‑chum gum beàrr iad an cinn: agus gum bi fhios aig na h‑uile nach eil ach neoni anns na chuala iad mud thimcheall-sa, ach gu bheil thu fhèin mar an ceudna ag imeachd gu riaghailteach, agus a’ coimhead an lagha.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Thoir iadsan leat, agus bi air do ghlanadh maille riu, agus dèan costas leo, a‑chum gum beàrr iad an cinn: agus gum bi fhios aig na h‑uile nach eil ach neoni anns na chuala iad mud thimcheall‐sa, ach gu bheil thu fhèin mar an ceudna ag imeachd gu riaghailteach, agus a’ coimhead an lagha.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thoir iad so leat, us naomhaich thu fhein comhla riu, agus cost orra gus an cinn a bhearradh; us bithidh fios aca uile gur briagan na chual iad umad, ʼs gum beil thu fhein na dʼ imeachd a cumail an lagha.