Acts 21:30 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin chaidh am baile gu lèir a bhrosnachadh, agus ruith an sluagh còmhla. Ghabh iad grèim air Pòl is tharraing iad a‑mach às an teampall e, agus sa bhad chaidh na geatachan a dhùnadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus ghluaiseadh am baile gu h‑iomlan, agus ruith an sluagh cuideachd: agus air dhaibh breith air Pòl, tharraing iad a‑mach as an teampall e: agus air ball dhùineadh na dorsan.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus ghluaiseadh am baile gu h‑iomlan, agus ruith an sluagh cuideachd: agus air dhaibh breith air Pòl, tharraing iad a‑mach as an teampall e: agus air ball dhùineadh na dorsan.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us bha am baile uile fo bhuaireas, agus ruith an sluagh cuideachd. ʼSa breith air Pol, tharruinn iad a mach as an teampull e: us ghrad-dhuineadh na dorsan.