Acts 22:14 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Agus thuirt esan, ‘Shuidhich Dia ar n‑athraichean thusa airson fios a bhith agad air a rùn‑san agus airson an t‑Aon Fìreanta fhaicinn is guth a chluinntinn às a bheul.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach thuirt esan: Roimh-dhʼorduich Dia ar n-aithrichean thu, los gun tuigeadh tu a thoil, ʼs gum faiceadh tu an t-Aon naomh, ʼs gun cluinneadh tu an guth as a bhial: