Acts 22:25 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach nuair a bha iad air a shìneadh a‑mach airson nan iallan, thuirt Pòl ris a' cheannard‑ceud a bha na sheasamh ri làimh, “A bheil e laghail dhuibhse duine a sgiùrsadh a tha na shaoranach Ròmanach agus gun e a bhith air a dhìteadh?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard-cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard‐cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS air dhaibh a cheangal le iallan, thuirt Pol ris a cheannard-chiad a bha lamh ris: Am beil e laghail dhuibh duine a tha ʼna Romanach a sgiursadh, ʼs e neo-dhìte?