Acts 22:29 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin tharraing iadsan a bha gus a cheasnachadh air ais uaithe sa bhad, agus bha an t‑eagal cuideachd air an àrd‑cheannard, a chionn 's gun do thuig e gum b' e saoranach Ròmanach a bh' ann agus gun robh esan air a cheangal.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin dh’imich iadsan uaithe air ball a bha gus a cheasnachadh: agus ghabh an t‑àrd-cheannard mar an ceudna eagal nuair a thuig e gum bu Ròmanach e, agus a chionn gun do cheangail e e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin dh’imich iadsan uaithe air ball a bha gus a cheasnachadh: agus ghabh an t‑àrd‐cheannard mar an ceudna eagal nuair a thuig e gum bu Ròmanach e, agus a chionn gun do cheangail e e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Air an aobhar sin ghrad-dhʼfhag an fheadhainn a bha dol gus a riasladh e. Us bha eagal cuideachd air an ard-cheannard, an deigh dha thuigsinn gum bu shaor Romanach e, agus a thaobh gun do cheangail e e.