Acts 22:30 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach air an ath latha, a' miannachadh am fìor adhbhar fhaighinn a‑mach dìreach carson a bha e a' tighinn fo chasaid nan Iùdhach, dh'fhuasgail e e agus dh'àithn e dha na h‑àrd‑shagartan 's dhan Chomhairle gu lèir cruinneachadh, agus thug e Pòl sìos is chuir e mun coinneamh e.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd-shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd‐shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach an ath latha air dha bhith an geall air fios na bu chinntiche fhaighinn car-son a bha na h-Iudhaich a cur choire as a leth, dhʼ fhuasgail e e, agus dhʼorduich e do na sagairt ʼs do ʼn chomhairle uile tighinn cruinn; ʼsa toirt Phoil a mach, chuir e air am bialaobh e.