Acts 22:5 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
mar as urrainn dhan àrd‑shagart agus dhan chomhairle de dh'èildearan gu lèir fianais a thoirt. Uapasan fhuair mi litrichean gu na bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas airson iadsan cuideachd a bha an sin a ghabhail agus an toirt ceangailte gu Ierusalem gus a bhith air am peanasachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Mar a nì an t‑àrd-shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Mar a nì an t‑àrd‐shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Mar a thogas an t-ard-shagart fianuis dhomh, ʼs na seanairean uile, bho ʼn dʼ fhuair mi litrichean cuideachd thun nam braithrean, us chaidh mi gu Damascus, gus an toirt ceangailte as a sin gu Ierusalem, los gun rachadh an smachdachadh.