Acts 23:35 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
thuirt e, “Bheir mi èisteachd dhut nuair a ruigeas do luchd‑casaid.” Agus dh'àithn e gum biodh esan air a chur fo fhaire ann an prìomh‑àros Heroid.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Thubhairt e, Eisdidh mi riut, nuair a thig do luchd-casaid mar an ceudna. Agus dh’àithn e esan a choimhead ann an talla-breitheanais Heroid.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Thubhairt e, Eisdidh mi riut, nuair a thig do luchd‐casaid mar an ceudna. Agus dh’àithn e esan a choimhead ann an talla‑breitheanais Heroid.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Eisdidh mi riut, os esan, nuair thig do luchd-casaid. Us dhʼ orduich e a ghleidheadh an talla-breitheanais Heroid.