Acts 24:22 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach chuir Felics dàil air cùisean, a chionn 's gun robh fios na bu mhionaidiche aige air an t‑Slìghe, ag ràdh, “Nuair a thig Lisias an t‑àrd‑cheannard a‑nuas, nì mi co‑dhùnadh mur cùis.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a chuala Felics na nithean seo, air dha eòlas na bu choileanta a bhith aige air an t‑slighe sin, chuir e air dàil iad, ag ràdh, Nuair a thig Lisias an t‑àrd-cheannard a‑nuas, làn-rannsaichidh mi ur cùis.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a chuala Felics na nithean seo, air dha eòlas na bu choileanta a bhith aige air an t‑slighe sin, chuir e air dàil iad, ag ràdh, Nuair a thig Lisias an t‑àrd‐cheannard a‑nuas, làn‐rannsaichidh mi ur cùis.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach chuir Felics, ʼs e ro fhiosrach air an aidmheil so, dàil sa chuis, a g-radh: Nuair thig Lisias an t-ard-cheannard a nuas, eisdidh mi ribh.