Acts 25:23 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin an ath latha thàinig Agripa agus Bernice le mòr‑ghreadhnachas, agus chaidh iad a‑steach do thalla an luchd‑èisteachd còmhla ri àrd‑cheannardan an airm agus prìomh fhir a' bhaile. An uair sin, air àithne Fhestuis, chaidh Pòl a thoirt a‑steach.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin air an là màireach, nuair a thàinig Agripa, agus Bernice, le mòr-ghreadhnachas, agus a chaidh iad a‑steach maille ris na h‑àrd-cheannardan agus prìomh-dhaoine na cathrach don ionad-èisdeachd, air do Fhestus àithne a thoirt, thugadh Pòl an làthair.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin air an là màireach, nuair a thàinig Agripa, agus Bernice, le mòr‐ghreadhnachas, agus a chaidh iad a‑steach maille ris na h‑àrd‐cheannardan agus prìomh‐dhaoine na cathrach don ionad‐èisdeachd, air do Fhestus àithne a thoirt, thugadh Pòl an làthair.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An ath latha ma ta, nuair thainig Agrippa agus Bernicé le mor mhorchuis, ʼsa chaidh iad a stigh do thalla na h-eisdeachd maille ris na h-ard-cheannardan us maithean a bhaile, thugadh Pol air ordugh Fhestuis a stigh.