Acts 25:24 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt Festus, “A rìgh Agripa agus sibhse uile a tha an làthair còmhla rinn, tha sibh a' faicinn an duine seo mun do chuir an sluagh Iùdhach gu lèir ìmpidh ormsa, an dà chuid ann an Ierusalem agus an seo, ag èigheach nach bu chòir dha a bhith beò nas fhaide.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt Festus, A rìgh Agripa, agus sibhse a dhaoine uile a tha an làthair an seo maille rinn, tha sibh a’ faicinn an duine seo, mun do chuir sluagh nan Iùdhach uile impidh ormsa, araon ann an Ierusalem, agus an seo, a’ glaodhaich nach bu chòir e a bhith na b’fhaide beò.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt Festus, A rìgh Agripa, agus sibhse a dhaoine uile a tha an làthair an seo maille rinn, tha sibh a’ faicinn an duine seo, mun do chuir sluagh nan Iùdhach uile impidh ormsa, araon ann an Ierusalem, agus an seo, a’ glaodhaich nach bu chòir e a bhith na b’fhaide beò.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt Festus: A righ Agrippa, agus sibhse a dhaoine uile a tha ʼn so san lathair maille ruinn, tha sibh a faicinn an duine, mu ʼn do ghearain uile shluagh nan Iudhach rium ann an Ierusalem, a g-iarraidh ʼsa glaodhaich nach bu chòir e bhith na bʼ fhaide beo.