Acts 26:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus is e sin a rinn mi ann an Ierusalem. Cha b' e a‑mhàin gun do ghlas mi mòran dhe na naoimh ann am prìosain às dèidh ùghdarrais fhaighinn o na h‑àrd‑shagartan, ach nuair a chaidh an cur gu bàs bhòt mi nan aghaidh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Nì mar an ceudna a rinn mi ann an Ierusalem: agus air faotainn ùghdarrais o na h‑àrd-shagartan, dhruid mi mòran de na naoimh ann am prìosain; agus nuair a chuireadh gu bàs iad, thug mi mo ghuth nan aghaidh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Nì mar an ceudna a rinn mi ann an Ierusalem: agus air faotainn ùghdarrais o na h‑àrd‐shagartan, dhruid mi mòran de na naoimh ann am prìosain; agus nuair a chuireadh gu bàs iad, thug mi mo ghuth nan aghaidh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ni mar an ciadna a rinn mi ann an Ierusalem, ʼsa faighinn cumhachd bho na h-ard-shagairt, chuir mi moran de na naoimh am priosan; ʼs nuair a chuireadh gu bàs iad, is mise a thug air adhart a bhinn.