Acts 26:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus pheanasaich mi tric iad anns na sionagogan uile agus dh'fheuch mi ri toirt orra toibheum a dhèanamh, agus ann am boile caoich nan aghaidh rinn mi geur‑leanmhainn orra fiù 's gu bailtean coimheach.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur-leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho‐èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur‐leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS le bhith gam pianadh gu tric anns a h-uile sinagog, thug mi orra blaisbheum a labhairt; ʼs le bhith fhathast na bu chaothaichte ʼnan aghaidh, rinn mi geur-leanmhuinn orra gu ruig bailtean coigreach.