Acts 26:14 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a bha sinn uile air tuiteam chun na talmhainn, chuala mi guth ag ràdh rium anns a' chànan Eabhrais, ‘A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‑leanmhainn‑sa? Tha e cruaidh dhutsa a bhith a' breabadh an aghaidh nan dealg.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‐leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS air dhuinn uile tuiteam gu làr, chuala mi guth a labhairt rium sa chainnt Eabhraich: A Shauil, a Shauil, car-son a tha thu dianamh geur-leanmhuinn ormsa? Is searbh dhut breabadh an aghaidh a ghatha.