Acts 26:22 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chun an latha an‑diugh tha an cuideachadh air a bhith agam a tha a' tighinn o Dhia, agus mar sin tha mi nam sheasamh an seo a' toirt fianais do bheag is do mhòr, gun sìon a ràdh ach na thuirt na fàidhean is Maois a thachradh,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach le comhnadh Dhe gam chuideachadh, tha mi beo gus an latha an diugh, a togail fianuis do ʼn bheag ʼs do ʼn mhor, gun ni a bharrachd a radh, ach na nichean a dhʼ innis na faidhean agus Maois, a bha ri tachairt,