Acts 26:24 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus fhad 's a bha e ag ràdh na rudan seo ga dhìon fhèin, thuirt Festus ann an guth àrd, “A Phòil, tha thu às do rian. Tha do mhòr‑fhoghlam gad chur às do rian!”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dha a bhith a’ labhairt nan nithean seo air a shon fhèin, thubhairt Festus le guth àrd, Tha thu air mhì-chèill, a Phòil: tha mòr-fhòghlam gad chur air bhoile.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dha a bhith a’ labhairt nan nithean seo air a shon fhèin, thubhairt Festus le guth àrd, Tha thu air mhì‐chèill, a Phòil: tha mòr‐fhòghlam gad chur air bhoile.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Nuair bha e labhairt nan nichean so, ʼsa freagairt ʼna aobhar fhein, thuirt Festus le guth ard: Tha thu na dʼ bhoile, a Phoil; chuir an t-anabarr faghluim an caothach ort.