Acts 26:29 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt Pòl, “Ge b' ann fada no goirid, lùiginn do Dhia gun tigeadh chan e a‑mhàin thusa ach cuideachd iadsan uile a tha ag èisteachd rium air an latha seo gus a bhith mar a tha mise — ach às aonais nan slabhraidh seo.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt Pòl, B’e mo ghuidhe air Dia gum biodh, chan e a‑mhàin thusa, ach mar an ceudna iadsan uile a tha ag èisdeachd rium an‑diugh, ann am beag agus ann am mòr, mar a tha mise, saor o na gèimhlean seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt Pòl, B’e mo ghuidhe air Dia gum biodh, chan e a‑mhàin thusa, ach mar an ceudna iadsan uile a tha ag èisdeachd rium an‑diugh, ann am beag agus ann am mòr, mar a tha mise, saor o na gèimhlean seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt Pol: Se mo ghuidhe ri Dia gum biodh, ann am beagan us ann am moran, cha n-e mhain thusa, ach mar an ciadna iadsan uile a tha g-eisdeachd rium an diugh, mar a tha mise, saor bho na cuibhrichean so.